Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Julie Fowlis > Cuilidh > Turas San Lochmor
|
Turas San Lochmor |
| Credits : | Peter Morrison; arranged by Éamon Doorley & Julie Fowlis |
| Appears On : | Cuilidh |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| An nì a bha nam inntinn | I'll tell you in verse |
| Gun inns mi dhuibh an rann | What my intention was |
| Gu falbhainn dh'aindeoin sìde | Regardless of bad weather |
| Air sgrìob do thìr nan Gall | I would pay a visit to the Lowlands |
| Le baga làn de chearcan | Carrying a bag full of chickens |
| Agus rudan a bha gann | And other scarce goods |
| Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann | I'd be there at New Year |
| 'S gun chùmhnadh air an dram | And there would be no stinting on whisky |
| Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' | Barefoot, I left on Wednesday |
| Le mo bhagaichean nam dhòrn | Clutching my bags |
| A' dol a Loch nam Madadh | Heading for Lochmaddy |
| Ghabhail aiseag san Lochmor | And a crossing on the Lochmor |
| Bha fuachd na mo chasan-sa | My feet were freezing |
| 'S bha sneachd' air bhàrr nan lòn | And snow had fallen |
| Cha dìochuimhnich mi 'n t-allaban | It was a journey |
| Cho fad' 's a bhios mi beò | I'll never forget |
| Nuair ràinig mi a' cheàrdach | I reached the smithy |
| Àrdach duine chòir | Home of a good man |
| A thug a-staigh gun dàil mi | Who took me in |
| 'S a nochd dhomh càirdeas mòr | And showed me great kindness |
| Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi | He restored me with tea |
| Ri aghaidh bhlàth an stòbh | In front of a warm stove |
| Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn | I was able to withstand the cold |
| Le mo chaiseart blàth 's lem chòt' | When I left with warm shoes and a coat |
| Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn | The motor car left |
| 'S ar n-aghaidh thoir dhan tuath | Heading north |
| Bha sinn greis an Cearsabhagh | And we spent a while in Cearsabhagh |
| A' blasad air stuth cruaidh | Sampling whisky |
| Gun tàinig Bean na Maise | Bean na Maise appeared |
| 'S am muir geal oirre mun cuairt | Through foaming seas all around |
| 'S chanainn fhìn gum b' amadan | And in my opinion |
| A rachadh innt' air chuan | Only a fool would take to sea in her |
| Nuair thog i mach gu farsainneachd | By the time she reached open seas |
| 'S sinn airsnealach is sgìth | We were depressed and weary |
| Nuair thòisich cur na mara oirnn | As seasickness started |
| Bu mhath a bhith air tìr | We longed to be ashore |
| Bha mise mar bha càch | I was like the others |
| Le spàirn orm a' strì | Fighting it valiantly |
| An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh | But sadly I had to part from the dram |
| Bu duilich dhealaich sinn | I drank in Cearsabhgh |
| On ear-dheas bha i sèideadh oirnn | A south-easterly wind was blowing hard |
| Gun choltas tighinn na b' fheàrr | And showing no sign of abating |
| Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn | We were all, of necessity |
| Nar sìneadh air an làr | Lying on the floor |
| Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn | When she plunged into the trough |
| 'S am muir a' sgailceadh àrd | With seas breaking high above her |
| Bha cùram air gach neach againn | We were all terrified |
| Nach tilleadh i gu bràth | That she'd never right herself again |
| B 'e siud an oidhche ànranach | Despite having such a stormy night |
| A bh' againn anns a' bhàt' | In the ship |
| Ach ràinig sinn Loch Baghasdail | We reached Lochboisdale |
| Le dìon an Tì as Àird | Under the protection of the Almighty |
| Thug mi leam mo bhagaichean | I took my bags |
| Agus thàrr mi às a' bhàt' | And escaped from the ship |
| Chan fhanainn-sa na b' fhaid' innte | Threat of imprisonment |
| Ged rachainn dhan taigh-gheàrd | Wouldn't have made me stay on board |
| Fhuair mi cadal socair ann | I had a good night's sleep |
| An dachaigh dhaoine còir | In dear Maiseag Ruadh's |
| Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre | The home of generous |
| Oir nochd i càirdeas dhòmhs' | Friendly people |
| Guma fada slàn i | May she live long |
| Oir 's bàidheil i na dòigh | For the kindly welcome she gave |
| Gu gabhail ro aon ànranach | To at least one wanderer |
| A dh'fhàgadh an Lochmor | Who deserted the Lochmor |
| Mun crìochnaich mi an t-òran seo | Before I finish this song |
| Gun inns mi dhuibh an còrr | I'll tell you the rest |
| A-màireach thill mi dhachaigh | The following day I returned home |
| Agus botal na mo phòc | With a bottle in my pocket |
| Chruinnich sinn na càirdean | Friends gathered |
| Gu pàrtaidh dhe gach seòrs' | And we had a splendid party |
| Is cha robh h-aon a thàinig leinn | And no one in the company |
| A chàineadh an Lochmor | Bad-mouthed the Lochmor |